
Bhiodh comasan ciùil tric a' ruith ann an teaghlaichean. Fad ghinealaich bhiodh a leithid a theaghlaichean, gu h-àraidh iadsan a bha nan clàrsairean agus nam pìobairean, a' faighinn cosnadh aig cinn-feadhna. Bha àrd-inbhe aca ann an dachaigh a' chinn-feadhna, agus gheibheadh iad fearann gun mhàl, aodach agus sochairean eile. Rè ùine ghabh a' phìob àite na clàrsaich mar am prìomh inneal-ciùil.
Clàrsairean
B' e aon de na prìomh dhleastanasan a bh' air a' chlàrsair taic-ciùil a thoirt do bhàrd oighreachail a' chinn-feadhna. Uaireannan b' e an aon duine a bha na chlàrsair 's na bhàrd, mar eisimpleir Ruaraidh Dall, air an robh An Clàrsair Dall (c. 1656-1713). An clàrsair Gàidhlig a bu chliùitiche a-riamh 's dòcha, bha Ruaraidh na chlàrsair aig Iain Breac, an t-18mh Ceann-feadhna air Clann MhicLeòid Dhunbheagain.
Teaghlaichean chlàrsairean
Am measg nan teaghlaichean chlàrsarairean air Ghàidhealtachd bha teaghlach Mhic Ghille Sheanaich (clàrsairean do Thighearnan nan Eilean), teaghlach Mhic a' Bhiocair (do Chaimbeulaich Earra-Ghàidheil), teaghlach Mhic Eòghainn (do Chaimbeulaich Bràghad Albainn), agus teaghlach Mhic Nèill (do Mhac Ghill Eathain Dhubhairt). Bha an teaghlach Mhic a' Bhreatannaich à Gallghàidhealaibh nan clàrsairean do rìghrean na h-Alba aig deireadh a' 15mh linn agus toiseach an t-16mh linn.
Pìobairean
Am measg dhleastanasan a' phìobaire bha a bhith a' dùsgadh a' chinn-feadhna agus a theaghlach anns a' mhadainn, a' cluich ro chogadh agus a' cluich aig bainnsean agus tiodhlacaidhean. Cha bhiodh am pìobaire oighreachail a' cluich ach ceòl mòr (me fàiltean, tuiridhean) oir bha ceòl beag (me puirt chruinn, ruidhlichean) ro shuarach dha airson a chluich.
Bha an teaghlach a b' ainmeile buileach, teaghlach MhicCruimein, nam pìobairean do MhacLeòid Dhùnbheagain. Bha colaiste pìobaireachd ainmeil aig teaghlach MhicCruimein aig Boraraig air an Eilean Sgitheanach agus chuireadh cinn-feadhna air Ghàidhealtachd òigearan comasach an sin a dh'ionnsachadh pìobaireachd.
Teaghlaichean phìobairean eile
Am measg nam prìomh theaghlaichean phìobairean eile bha Clann MhicArtair (pìobairean do Chlann Dòmhnaill Shlèibhte), Clann Mhic Fhraing (do Mhac Ghill Eathain Dhubhairt), Clann MhicAoidh (do Mhac Choinnich Gheàrrloch), Clann Mhic an t-Saoir (do Mhèinnearaich Siorrachd Pheairt), Clann MhicIain (do Chlann Dòmhnaill Ìle), Clann MhicEanraig (do Mhac Iain ann an Gleann Comhainn) agus na Cuimeinich (do Ghranndaich Shrath Spè)
Fìdhlearan
Ron 18mh linn bha daoine air fàs na bu mheasaile air an fhidheall, gu h-àraidh ann am Meadhan na Gàidhealtachd. Bha Niall Gobha, fìdhlear a bha beò ann an Siorrachd Pheairt anns an 18mh linn, iomraiteach air sgàth nan comasan aige. Thug Am Moireach brosnachadh do Niall. Bha a mhac 's na h-oghaichean aige nam fìdhlearan cuideachd. Bha 'Rob Ruadh' Mac an Tòisich agus 'Rìgh' MacGlaisein cuideachd à Siorrachd Pheairt.
Teaghlaichean fhìdhlearan eile
Am measg teaghlaichean fhìdhlearan eile bha an teaghlach MhicIlleDhuinn à Cinn Chàrdainn agus na Cuimeinich à Bràigh Caisteal nan Granndach, le chèile bho Shrath Spè. Bhiodh iad le chèile a' dèanamh Shrathspèidhean. Bhiodh Seumas Mac a' Phearsain à Bàideanach cuideachd a' dèanamh Shrathspeidhean o chionn fhada; b' esan a rinn am fonn ainmeil 'MacPherson's Rant' air a' chroich ann am Banbh mus deach a chrochadh mar neach-cùirn ann an 1700.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. -
Collinson, Francis
Bagpipe, Fiddle and Harp
Midlothian; Lang Syne Publishers, 1983
Alburger, Mary Anne
Scottish Fiddlers and their Music
Cannon, Roderick D.
The Highland Bagpipe and its Music
Collinson, Francis
The Traditional and National Music of Scotland
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: