Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Taigh Cùil na Càbaig agus an Gàrradh

environment

Lusan & Gàraidhean



 Gàraidhean Cruth-tìre
 Planntraisean agus Taisbeanaidhean Flùranach


Bho bhàrr nam beann gu machraichean air an oirthir tha a' Ghàidhealtachd na dachaigh airson caochladh sheòrsaichean de phlanntrais. 'S e na mnaidhean fraoich agus na seann choilltean giuthais Cailleanach as dùthchasaiche.

Monadh fraoich
Tha fraoch cumanta air feadh nam monaidhean, ach gu h-àraidh san ear far a bheil e air a ruith airson sealg nan cearcan-fraoich. An seo, tha falaisgean air breacadh de sheann fhraoch agus fraoch òg adhbharachadh. Air am measgachadh còmhla ris tha fraoch-a' bhadain agus fraoch-an-ruinnse no fraoch-Frangach. San iar far a bheil i nas fliuiche, bidh toman de chòinneach-dhearg agus bog-a' mhonaidh a' stobadh tro raointean de mhuran. Tha boglaichean nan dachaigh do chanach, bliochan,agus lus-na-feàrnaich a bhios a' glacadh chuileagan.

Coilltean
Chan eil ach fuigheall air fhàgail - a' chuid as motha ann an Gleann Afraig agus Obar Neithich - de na seann choilltean giuthais Cailleanach a bha uair a' còmhdach a' mhòr-chuid den Ghàidhealtachd. Am measg nan craobhan giuthais tha aiteann, corra-mheagan, beithe agus caorann. Air talamh nas ìsle anns na coilltean dhuilleagan-leathann far a bheil darach agus uinnseann, as t-earrach tha brat ann de shòbhragan, feada-coille, flùr-na-gaoithe agus fuath-mhuc. As t-fhoghar bidh balagan-buachair leithid chanterelles air an cruinneachadh airson còcaireachd.

Aig àm nan Ròmanach chaidh faidhbhile agus craobh-shice a thoirt a-steach agus on uair sin tha iad air a bhith buailteach àite nan darach agus nan uinnseann a ghabhail. Anns an 18mh linn thug Diùc Athaill an laireag-Eòrpach a-staigh. An dèidh a' Chogaidh Mhòir, chaidh prògram a chur an sàs anns an robh mòran chraobhan-durcain air an cur airson malairt. Tha giuthas-Dhùbhghlais, giuthas-Sitka, giuthas-lodgepole agus laireag-jap a-nis a' còmhdach mòran den Ghàidhealtachd.

Talamh neo-thorach
Tha conasg agus bealaidh rim faotainn air dromannan gainmhche tioram agus air bruaichean ri taobh rathaidean. Bidh lus-nam-ban-sìth, deanntagan agus seileachan gu luath a' gabhail thairis talamh trèigte. Tha raineach air a dhol na phlàigh, a' fàs an àite sam bith far an deach coille a leagail no fraoch a losgadh. Tha fiù 's ròs-chraobhan air grèim cho làidir a ghabhail ann an sgìrean san iar 's gu bheil iad a' marbhadh lusan eile.

Mullaich
A' gabhail fasgadh bho na gaothan fuara ann am feur, còinneach agus crotal tapaidh tha cairt-làir bhuidhe, copan-an-driùchd, còig-mheur-Mhoire agus lus-nan-oighreag. Tha lusan artaig tearc mar gentian-an-t-sneachda agus lus-crom-nan-laogh a' fàs fhathast air Beinn Labhair. An àitean eile tha corra lus-nan-laogh, coirean-còinnich agus cluas-luch alpach ri fhaighinn. Tha aiteann-sgaoilteach, beithe agus seileach cumanta am measg chreagan agus sgàrdan Thoirbheartan

Shìos aig a' chladach agus air clach-aoil
Air machraichean a' chosta an iar agus ann an sgìrean cloich-aoil mar Asaint tha beairteas lusan ann mar lus-nan-naoi-alt, seamrag agus gall-pheasair. Tha an costa tuath na dhachaigh do shòbhrag na h-Alba - primula scotica.



LEABHAR-CHLÀR

Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. - Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Lusby, Philip
Scottish wild plants Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Steven, H. M., Henry Marshall
The native pinewoods of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Scott, Michael
Scottish wild flowers Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Jahns, Hans Martin
Ferns, mosses and lichens of Britain and North and Central Europe Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village