Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Pìobair Gaidhealach

culture

Ceòl



 Bogsa-ciùil
 Beagan eachdraidh
 Clàrsach
 Puirt-a-beul
 Ceòl [Measgachadh]
 Cràbhach Ceòl


Ceòl
Tha trì innealan-ciùil a tha mòr ann an ceòl dualchasach nan Gàidheal - a' phìob, an fhidheall agus a' chlàrsach. Gu tric bhiodh clàrsair, pìobair no fìdhlear ann an dachaigh cinn-feadhna agus bhiodh iad a' dèanamh dibhearsain dha fhèin 's dha na h-aoighean aige.

Tha ath-bheothachadh air tighinn air a' chlàrsaich o na 1970an, agus tha a' phìob, an fhidheall agus a' chlàrsach fhathast mar chnàimh-droma do cheòl Gàidhlig an là an-diugh.

Clàrsach
Tha ìomhaighean den chlàrsaich le a frèam triantanach sònraichte ri fhaotainn air carraighean Cruithneach a' dol air ais nas fhaide na an 9mh linn. Bha dlùth-cheangal aig a' chlàrsaich ri bàrdachd Ghàidhlig, 's an clàrsair gu tric a' toirt taic-ciùil don bhàrd 's e ag aithris a chuid bàrdachd. 'S dòcha gum b' e an clàrsair a b' ainmeile Ruaraidh Dall Moireasdan (c.1656-1713), an Clàrsair Dall, a bha na chlàrsair agus na bhàrd aig MacLeòid Dhunbheagain.

A' phìob
Ron t-17 mh linn bha an sluagh air fàs na bu mheasaile air a' phìob na bha iad air a' chlàrsaich. B' ann ann am meadhan an t-siathamh linn deug a chaidh iomradh a thoirt an toiseach air a' phìob ann an eachdraidh nan Gàidheal, agus o 1700 no mar sin, thòisich 'colaistean' pìobaireachd a' nochdadh. Am measg nan teaghlaichean teagaisg bha Clann MhicAoidh Gheàrrloch, Clann MhicFhraing Mhuile agus Clann MhicChruimein an Eilein Sgitheanaich.

An fhidheall
Dh'fhàs an sluagh fìor mheasail air ceòl na fìdhle anns an 18mh linn, gu h-àraidh airson dannsadh. B' e an cleachdadh a bh' ann fuinn a chluich ann an seataichean anns an robh dà shrathspè agus ruidhle. B' e Niall Gobha (1727-1807), a fhuair taic bhon Mhoireach, am fìdhlear a b' fheàrr riamh ann an Alba 's dòcha, agus tha an aon chliù aige an-diugh. Còmhla ri mhac Natànael, rinn e agus dh'fhoillsich e mòran de dh'fhuinn mhath a tha air an cluich tric gus an là an-diugh

Ceòl Gàidhlig an là an-diugh
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha piseach air tighinn air ceòl Gàidhlig no ceòl Gàidhealach agus tha còmhlain leithid Wolfstone, Shooglenifty agus na Peatbog Faeries air dreach ùr a thoirt air. Tha iomadh fèis airson gach iomadh meur de cheòl 'Ceilteach' air an cumail air Ghàidhealtachd gach bliadhna, mar as trice tro mhìosan an t-samhraidh.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Collinson, Francis
The Bagpipe Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Companion to Gaelic Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Cannon, Roderick D
The Highland Bagpipe Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Donaldson, William
The Highland Pipe and Scottish Society 1750-1950 Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Collinson, Francis
The Traditional and National Music of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Sanger, Keith
Tree of Strings Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu cheòl

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village