
Ro 1700, mar bu trice bhiodh ceann-cinnidh a' cumail bàrd, agus dhèanadh esan òrain mholaidh don cheann-chinnidh. Leis nach robh comas leughaidh aig mòran aig an àm sin, bha òrain mar mheadhan air eachdraidh agus fionnsgeulan a chur an cèill.
Slighe eile airson òrain Ghàidhlig
Cha robh bàird an t-17mh/18mh linn air an cuingleachadh mar a bha na seann bhàird, agus dh'fhosgail iad slighe ùr le òrain mu ghaol, beatha, poileataics agus nàdar. Tha òrain le bàird leithid Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir air an gabhail gus an là an-diugh aig A' Mhòd
Chaidh òrain obrach a dhèanamh cuideachd airson an gabhail nuair a bhite a' snìomh, a' luadhadh, a' bleoghainn agus ag iomradh. Bha ruith nan òran a' dol le ruith na h-obrach. Chaidh puirt-à-beul a dhèanamh a lean buille a' chiùil-dannsa. 'S dòcha gun deach an dèanamh gus cuideachadh a thoirt do dh'fhìdhlearan agus pìobairean a bha ag ionnsachadh fonn, air neo gus ceòl-dannsa a bhith ann nuair nach robh innealan-ciùil ri làimh.
Seinn san Eaglais
Bhrosnaich an Eaglais stoidhlichean seinn eadar-dhealaichte. Bha seinn nan salm le fear a' cur a-mach na loidhne cumanta anns na h-eaglaisean Clèireach air feadh nan Eilean Siar, agus tha fhathast. Tha fuaim air leth aice is tha i drùidhteach dha-rìreabh. Tha àite mòr aig sgrìobhadh laoidhean Gàidhlig san dualchas cuideachd, gu h-àraidh far a bheil an eaglais Chaitligeach làidir ann an Uibhist agus Mùideart
'Runrig' agus seachad air
Faisg air deireadh an 20 mh linn thug còmhlain mar Runrig agus Capercaillie togail do sgrìobhadh nan òran Gàidhlig; bhiodh iad a' sgrìobhadh an cuid ciùil fhèin. Chruthaich iad fuaim ùr ann an ceòl Gàidhlig le bhith toirt ceòl pop, rock agus traidiseanta còmhla mar aon. Tha seo air sgrìobhadairean òran a mhisneachadh gu fiù 's barrachd fheuchainn.
Luchd-cruinneachaidh agus luchd-rèiteachaidh òran Gàidhlig
Cò aig tha fios cia mheud òran Gàidhlig a bhiodh air chall gu bràth tuilleadh mura biodh obair leithid Marsaili Cheannadach-Fhriseal (1857-1930) agus Mairead Fay Sheathach (a bha 101 anns an Dùbhlachd 2004). Chruithnich agus rèitich an dà bhoireannach sin àireamh mhòr de dh'òrain à Innse Gall, mòran dhiubh a tha air an gabhail gu cunbhalach aig a' Mhòd.
Am Mòd
'S e am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a tha air a chumail ann an sgìre eadar-dhealaichte de dh'Alba gach bliadhna, a' chuirm-seinn as motha ann am mìosachan nan Gàidheal. Bidh na mìltean a' frithealadh nam farpaisean, nan cuirmean agus nan cèilidhean, agus tha e na chothrom air barrachd fhaighinn a-mach mu chultar agus seinn Ghàidhlig. 'S e an t-seinn a bhios a' tàladh mòran de luchd-ionnsachaidh a' chànain sa chiad dol-a-mach.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh. -
The Companion to Gaelic Scotland
pp.77-82 MacInnes, John 'Folksong
Collinson, Francis
The Traditional and National Music of Scotland
pp.32-118 and 261-265
Silcon Glen, Scotland - 'Gaelic song and singing sean-nòs' (2002)
Kennedy, Peter
Folksongs of Britain and Ireland
1975, pp.19-63
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2010 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: