
Ealain nan Cruithneach
Anns an ealain Nuadh-chreagach bhon Ghàidhealtachd tha cinn-chuaille, mar eisimpleir à Airdens ann an Cataibh. Tha fuidheallan ann cuideachd de dh'ealain nan Cruithneach. Sa mhòr-chuid 's e ìomhaighean snaighte air ulpagan, leacan agus ionadan coisrigte a th' annta. Tha beathaichean, cumaidhean agus rudan dealbhach air an snaigheadh air clachan samhla. Anns an obair-mheatailt tha, mar eisimpleir bràiste Chruithneach agus seudraidh òir mar a chaidh a lorg faisg air Inbhir Pheofharain tràth anns na 1980an.
Ealain Chrìosdail Cheilteach
Anns na manachainnean Ceilteach tràtha bha bùithtean-obrach airson obraichean meatailt agus clachairean. 'S dòcha gur e an t-eisimpleir as fheàrr de ghràbhaladh cloiche Ceilteach na croisean cruinne ann an Eilean Idhe. Chaidh cuid de dh'obair-shoilleireachaidh nan làmh-sgrìobhainnean ann an Leabhar Cheannanas a dhèanamh ann an Eilean Idhe cuideachd.
Sgoil Gràbhalaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd
Le taic Tighearnas nan Eilean, a bha aig àirde neirt eadar an 14mh agus an 16 mh linn, thòisich sgoiltean gràbhalaidh. Rinn na sgoiltean croisean, leacan-uaghach, ìomhaighean agus suaicheantais-uaghach, agus gheibhear eisimpleirean dhiubh ann an Eilean Idhe agus Loch Àlainn. Bha sgoil gràbhalaidh ann an Eilean Idhe, fo stiùireadh nan teaghlaichean Ó Brolcháin agus Ó Cuinn
Fàsach na Gàidhealtachd mar chùl-raon
Tha dealbh-tìre na Gàidhealtachd air luchd-ealain cho ainmeil ri Turner a thàladh. Tha creagan agus fraoich air cùl-raon a dhèanamh do mhòran de na dealbhan as ainmeile aig Landseer, nam measg 'Monarch of the Glen'. Thàinig feadhainn eile fo a buaidh suas bhon 18 mh linn, nam measg Horatio MacCulloch agus Uilleam Mac an t-Sagairt. San 20 mh linn bha ùidh às ùr ann an ealain Cheilteach ri fhaicinn san obair aig Teàrlach Rennie Mac an Tòisich agus Iain Duncan, agus le ceangal nas dlùithe ris a' Ghàidhealtachd, san obair aig Pàdraig Geddes agus W. G. MacGilliosa.
Ealain Co-aimsireil
Tha na h-ealainean sùla sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a' cumail a' dol aig sàr inbhe an-diugh san obair aig Julie Brook, Iain Stephen, Steve Dillworth, Uilleam MacIlleathain, Liz Ogilvie, Raibeart Callender, Diane NicIlleathain agus feadhainn eile. Bidh na h-ealainean sùla a' faighinn deagh thaic bho ionadan-taisbeanaidh mar An Tuireann ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach, Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath, agus An Lanntair ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.
If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - ![]()
The Companion to Gaelic Scotland
The New Companion to Scottish Culture
Highlands and Islands Arts Ltd
Visual Arts Guide
1999
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: