Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Daoine ri Crioladh, 1954

society

Spòrs



 Spòrs [Measgachadh]


Tha iomadh cothrom air spòrs air a' bhlàr a-muigh sa Ghàidhealtachd. Bidh na creagan 's na carraigean a' tàladh luchd-coiseachd chnoc agus luchd-streap; bidh na mìltean lochan agus aibhnichean a' tarraing iasgairean bho thall 's a-bhos; agus bidh am pailteas fèidh agus chearcan-fraoich a' toirt shealgairean ann as t-fhoghar. Biodh e airson buidheann air neo aon neach tha daoine miosail air spòrs agus tha freumh cuid de spòrsan sa Ghàidhealtachd.

Ball-coise
Bidh Lìg na Gàidhealtachd a' toirt an leòr den 'ghèam àlainn' do luchd-taic air an starsaich fhèin, le sgiobaidhean leithid Clach na Cùdainn Inbhir Nis, Academicals Inbhir Uige, Mechanicals Fharrais agus Rangers Bhrùra. Tha Caley Thistle Inbhir Nis agus Ros County, a bha le chèile ann an Lìg na Gàidhealtachd, a-nis ann an Lìg na h-Alba 's a' dèanamh gu math ann. Bidh iomadh sgioba baile a' cluich gu cunbhalach cuideachd.

Iomain
Chan eil gèam sgioba eile cho Gàidhealach ri iomain (no camanachd). Tha freumhan iomain a' dol air ais tro na Gàidheil gu dualchas Ceilteach mòran na bu tràithe. Tha e air aithris gun tugadh iomain dhan Ghàidhealtachd anns na Linntean Dorcha le miseanaraidhean Èireannach. Ann an riochd an là an-diugh tha i air a riaghladh le Comann na Camanachd (stèidhte 1893).

Tha Comann na Camanachd ceart ann a bhith ag ràdh "demands of skill, speed, stamina and courage make camanachd, the sport of the curved stick, the perfect exercise of a warrior people". Sìos tro na bliadhnachan tha càirdeas agus còmhstrì chàirdeil air fàs eadar cinneadh is cinneadh, bràigh agus srath. Tha Lovat, Cabarfèidh, Cinn a' Ghiuthsaich agus Kyles Athletic am measg nan sgiobaidhean a bhios a' gabhail pàirt.

Geamannan sgioba eile
Tha hocaidh, rugbaidh agus criogaid air an cluich cuideachd, ach chan eil iad cho mòr. 'S ann taobh a-staigh Rois an Ear, Inbhir Nis agus Moireibh as motha a tha daoine gan cluich.

Crolaidh, 'The roaring game'
Thug na Ceiltich iomain don Ghàidhealtachd, ach thug a' Ghàidhealtachd croladh don t-saoghal. Canar 'the roaring game' ris air sgàth 's am fuaim a nì na clachan 's iad a' sleamhnachadh thairis air an deigh; tha ùidh cho mòr 's a bha riamh ann an dèidh do sgioba Bhreatainn soirbheachadh aig Oilimpigs a' Gheamhraidh 2002 ann an Salt Lake City. Tha 'bonspiels' (farpaisean a-muigh) mar a bhiodh air an cumail air Loch Tèadhaich (Lake of Mentieth) a-nis tearc agus 's ann a-staigh as trice a tha croladh air a chluich.

Spòrs beinne
Dh'èirich ùidh ann an streap anns an dàrna leth den 19mh linn. Bha an Cuilthionn, Gleann Comhann, Ailpean An Arair agus am Monadh Ruadh nan raointean trèanaidh air leth freagarrach do shreapadairean ailpeach. Tha sgitheadh, bòrdadh-sneachda agus spèileadh cuideachd nam pàirt de spòrs geamhraidh na Gàidhealtachd a-nis. Sna bliadhnachan mu dheireadh tha barrachd ri baidhceadh-beinne cuideachd.

Goilf
Tha goilf air aon eile de shàr gheamannan na h-Alba agus tha machraichean-goilf leithid Dòrnach Rìoghail agus Inbhir Nàrann ainmeil air feadh an t-saoghail. A bharrachd air sin, tha iomadh cùrsa 9 agus 18 tuill ann a bhios a' leamhachadh luchd-cluich a cheart cho mòr 's a bhios iad gan toileachadh.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue


A century of Scottish mountaineering Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Going to the hill Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Jarvie, Grant
Highland Games Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

McAllister, Bill
Highland hundred Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

MacLennan, H. D.
Shinty! Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Sport, Scotland and the Scots Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Murray, W. H.
The curling companion Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Simpson, Myrtle
Skisters: the story of Scottish skiing
Carrbridge; Landmark press 1982

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village