Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Nurs Nicualraig

society

Slàinte & sochairean





Tha clàran bho na lathaichean a dh'fhalbh a' bruidhinn air amannan gorta, dachaighean truagha agus tinneasan. Ann am bliadhnachan caola Rìgh Uilleim (1693 gu 1700) bha dìth agus gort ann an iomadh àite an Alba agus b' iad paraistean talamh àrd na Gàidhealtachd bu mhotha a dh'fhuiling.

Teachd a' bhuntàta
Chailleadh am bàrr iomadh uair anns an 18mh linn, ach bha toirt a-staigh a' bhuntàta anns an dara leth dhen 18mh linn na mheadhan air daoine a shàbhaladh anns an Eilean Sgitheanach agus sgìrean eile. Cha robh am buntàta air a thoirt a-staigh fhathast a dh'Àird nan Saor agus dh'fhuiling an t-àite sin gu mòr ann an gort 1782.

Ro 1845 bhathar a' crochadh cho mòr air a' bhuntàta 's gun robh gort chruaidh ann an dèidh do ghaiseadh a thighinn air. Gus faochadh a thoirt dhaibh bhon ghort ann an Ros an Iar thug uachdarain Gheàrrloch agus Dhùn Dòmhnaill cosnadh don luchd-gabhail a' togail rathad bho Ghairbh dhan iar. Chanadh iad Rathad na Gorta (Destitution Road ) ris, agus Drochaid an Acrais (Hunger Bridge ) ris an drochaid aig Ceann Loch Iùbh.

An t-strì an aghaidh na bric
Anns an 18mh linn bha a' bhreac fìor chumanta agus thug i bàs do mhòran phàistean. A rèir coltais, ged-tà, bha e na chleachdadh air Ghàidhealtachd ro 1715 a bhith a' cur na brice air clann a dh'aon ghnothaich. Ro dheireadh an linn sin bha cur na brice ann an iomadh àite. Thuirt aon mhinistear sa Ghàidhealtachd "Fewer children die in the Highlands than almost anywhere, particularly since inoculation is so widely practised". Air Eilean Yell ann an Sealtainn chuir Johnny Notions a' bhreac air gach duine air an eilean, gu buannachd mhòr, ach air Galldachd na h-Alba sheas daoine an aghaidh cur na brice suas gu 1800.

Galaran eile
Ann an 1832 thug iasgairean à Cataibh a' bhuinneach mhòr dhan Ghàidhealtachd airson a' chiad uair. Thug diptiria, an teasach dhearg, a' ghriùthlach agus an triuthach bàs do 4,923 air feadh Alba agus thug a' chaitheamh bàs do 10,509 eile ann an 1900. Anns na bliadhnachan mu dheireadh tha banachdachan air na galaran sin a lùghdachadh gu mòr.

Bochdainn
Aig aon àm bha an eaglais a' gabhail cùram nam bochd. Bhiodh i a' dèanamh chruinneachaidhean agus gan roinn am measg nan daoine bu mhotha a bha ann an dìth anns a' pharaiste; leis an eòlas a bh' aice air na daoine bha an roinn cothromach. Chaidh cùram nam bochd a-null dhan Stàit an dèidh Achd Lagh nam Bochd 1845.

Slàinte na b' fheàrr agus sochairean
Chaidh cor an t-sluaigh am feabhas 's an riaghaltas a' toirt piseach air taigheadas, slàintealachd, foghlam agus eòlas-leighis. Rinn seirbheisean uisge agus òtrachais a chaidh a chur an sàs air feadh na sgìre feum do shlàinte an t-sluaigh cuideachd. Tràth san 20mh linn bha an Stàit air cuibhreannan a thoirt a-staigh mu choinneamh dhuilgheadasan a thigeadh le cion cosnaidh, tinneas agus seann aois. Am measg nan ceumannan a chaidh a ghabhail bha Achd Atharrachaidh air Lagh nam Bochd(Alba) 1845, Achd Slàinte a' Phobaill(Alba) 1867, Achd Foghlaim(Alba) 1872, Achd Pheinnseanan Seann Aoise 1908 agus Achd an Àrachais Nàiseanta 1911. Tha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a thòisich ann an 1948, 's a tha na comharra air an Stàit Shochairean, air feum mòr a dhèanamh dhan sgìre.





BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Beith, Mary
Healing threads Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Day, John Percival
Public administration in the Highlands and Islands of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Mathieson, Robert
The Survival of the Unfittest Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu shochairean

Levitt, Ian
Poverty and Welfare in Scotland, 1890-1939
Edinburgh; Edinburgh University Press, 1988

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village