am baile

Na Cumhaichean


Le bhith a' cur do sgeulachd gu Am Baile, tha thu ag aontachadh:

  • gur e d' obair thùsail fhèin a th' innte agus/no gu bheil còir agad i sin a thoirt do Roinn na Gàidhealtachd, le dealbhan sam bith a tha na cois, airson clò-bhualadh air Am Baile. Far a bheil sin iomchaidh, tha sinn a' moladh gum faigh thu cead sgeulachdan nan daoine air a bheil na h-arataigilean agad stèidhte a sgaoileadh.

DLIGHE-SGRÌOBHAIDH

- a leigeil le Roinn na Gàidhealtachd

  • do thabhartas a chopaigeadh agus atharrachaidhean riatanach a dhèanamh gus am bi e ri fhaighinn leis a' mhòr-shluagh. 'S dòcha gu feumar cuid a dheasachadh ron fhoillseachadh.
  • leigeil le luchd-cleachdaidh Am Baile do thabhartas a chopaigeadh airson cleachdadh pearsanta no oideachail
  • do thabhartas a chopaigeadh no a chleachdadh airson adhbhar sam bith co-cheangailte ri stiùireadh na làraich-lìn, e.g. follaiseadh, sgrùdadh no measadh.
  • agus luchd-cleachdaidh Am Baile cead a bhith aca do thabhartas a chleachdadh anns na dòighean gu h-àrd air feadh an t-saoghail gus an tig brath a bharrachd.

Cha tig cosgais air Roinn na Gàidhealtachd airson do thabhartas agus dealbhan a tha na chois a chleachdadh.

Chan eil an aonta seo gad bhacadh bho leigeil le daoine no buidhnean eile do sgeulachd a chleachdadh.

PRÌOBHACHAS agus CLEACHDADH NAN CUCAIDH

Cha toir Am Baile le fios fiosrachadh mu do dheidhinn do bhuidhnean eile air an taobh a-muigh no do dhaoine fa-leth far am faodadh am fiosrachadh leigeil le neach a bhith air aithneachadh. A thuilleadh air an sin, bidh fiosrachadh pearsanta sam bith a chruinnicheas Am Baile tron làrach-lìn seo mar nì glè dhìomhair a rèir riaghailtean Achd Tèarainteachd Dàta 1998. Tha cucaidh ga chleachdadh airson cuimhne a chumail air a' chànan a b' fheàrr leat. Cha bhi sinn a' cleachdadh cucaidh airson a bhith a' cruinneachadh fiosrachadh mu luchd-cleachdaidh agus cha chruinnich sinn fiosrachadh sam bith mu do dheidhinn ach na dh'fheumar airson rianachd siostam inneal seirbheis na lėn. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Sgioba A' Bhaile.