Click here to login
Tagh cànan
Google plus pinterest Share on Stumble Upon Share on Reddit Facebook Share on Tumblr
TIOTAL
Stèisean a' Ghearasdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0123
ÀITE
An Gearasdan
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32015
Preview

Tha a' chairt seo a' sealltainn coidse is carbad a' feitheamh taobh a-muigh stèisean a' Ghearasdain. Thogadh an stèisean, aig taobh an locha, mar phàirt de Rèile Taobh an Iar na Gàidhealtachd. Chaidh an t-seann daingneachd a' leagail gus àite a dhèanamh dhan rèile agus dhan ghàradh-bhathair a chaidh a thogail air an làraich.

Mun tàinig càraichean b' e an rèile am prìomh dhòigh air a bhith siubhal gu deas, agus bhiodh gillean-giùlain ann an èideadh, a bh' air am fastadh le na taighean-òsta anns a' bhaile, a' feitheamh ris na h-aoighean, gus am bagaichean a tharraing. An ceann ùine, leagadh an stèisean gus àite a dhèanamh do rathad dà-shligheach, agus chaidh stèisean ùr a thogail air iomall a' bhaile