The following extract is taken from 'From Sea to Sea', an audio celebration of the history, people, landscape and culture of the Great Glen waterway - The Caledonian Canal. The project was created in 2001 by Bob Pegg and funded by Highland Council through the British Waterways 'Living Waterways Programme'.
Narrator: This whole area was rich in the traditions of music, storytelling and song. The Glenmoriston bard Archie Grant was even known on occasions to pay for work with a few lines of verse. Others made poems about smuggling, or about the escapades of an Invermoriston tailor carried on the steamer to Fort Augustus by mistake. And in 1850s, a postman named Stoddart, described in song his 'weary tramp' to deliver mail three times a week between Drumnadrochit and Fort Augustus. 'Since this pack put on my back', he lamented, 'all enjoyment and pleasure has gone.'
Fail ill o ro bha hi
Gu bheil m' inntinn fo phràmh
Bhon chaidh mhàileid air mo dhruim
Dh'fhalbh mo shunnd 's mo chiall gàir
Nuair bhios càch nan cadal suain
Air an cluasaig gu blàth
'S ann bhios mise gu fliuch fuar
feuchainn cruaidh air an t-sàl
Rathad fada, carach, fiar
Tha e cianail mun tràigh
'S ann air sràc an dà uair dheug
Dol a thriall ri Port Chlàr
Coille dhlùth air gach taobh
Sneachda ghlùin, cabhadh bàn
Gaoth a' sadadh ri mo chluais
Nochd nach truagh leibh mo chàs.
Thèid mi 'n dèidh sin air mo chuairt
Seachad suas an taigh bàn
'S gheibh mi 'm postmaster na shuain
Air a chluasaig gu blàth.
Ruigidh min sin taigh a' chaochain
O gur faoilteach iad ann
Èirigh Iain 's e gun ghruaim
'S bheir e nuas dhuinn an dram.
Chan e an samhradh as feàrr
Oidhche bhlàth, a gheallaich mhòir
M' fhaileas dlùth falbh na smùid
Call mo shùgh às gach pòr
'S ged a thigeadh reothadh liath
'S uisge chuireadh snìomh air snàth
Chan fhaod mise dhol fo dhìon
Dhaoindeoin siòn thig a' bhàn
Cuid a their gu bheil mi fìor
Cuid gur breug tha mi 'g ràdh
Saoilidh neach a bhios na thriall
Nach tig crìoch air gu bràth
Fail ill o ro bha hi
Gu bheil m' inntinn fo phramh
Bhon chaidh mhàileid air mo dhruim
Dh'fhalbh mo shunnd 's mo chiall gàir