- TIOTAL
- Creag a' Chomharra, Gleann Comhann
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0328
- ÀITE
- Gleann Comhann
- SGÌRE
- Ceann a Tuath Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10004
- KEYWORDS
- Gleann Comhann
carraighean-cuimhne
càirn-cuimhne
MacIain
Clann Dòmhnaill
Clann Chaimbeul
Murt Ghlinn Comhainn
Creag a' Chomharra

Tha e air aithris gun do thòisich Murt Ghleann Comhainn aig Creag a' Chomharra aig briseadh an là air 13mh dhen Ghearran 1692, nuair a chaidh teine a chur thuige mar chomharra do na saighdearan. Fo cheannard Caiptean Raibeart Caimbeul à Gleann Lìobhann, thòisich saighdearan Caimbeulach a' marbhadh nan Dòmhnallach, luchd nan taighean aoigheil, mar dhìoghaltas air cho fada 's a bha an ceann-feadhna, Alasdair MacIain, gun a bhith a' guidhe a dhìlseachd do Rìgh Uilleam III.
Chaidh òrdugh a thoirt seachad do na fir Caimbeulach - 'putt all to the sword under seventy'. Chaidh ochd duine deug air fhichead a mharbhadh an seasamh nam bonn ach bhàsaich feadhainn eile a-rithist le dìth-fasgaidh. Tha daoine cho nimheil mun mhurt air sgàth 's gun do bhris e dòighean-obrach aoigheachd na Gàidhealtachd: bha muinntir Chlainn Dòmhnaill air aoigheachd a thoirt do na Caimbeulach fad làithean mus do rinn iad am murt.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive