- TIOTAL
- Caisteal Tioram, Loch Mùideart
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0332
- ÀITE
- Eilean Tioram
- SGÌRE
- Àird nam Murchan
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10017
- KEYWORDS
- Caisteal Tioram
Loch Mùideart
Tighearnas nan Eilean
Seumasaich
Crombail
Clann Raghnaill

Air a shuidheachadh air eilean beag mara ann an Loch Mùideart, siorrachd Inbhir Nis, cha ghabh Caisteal Tioram a ruighinn ach nuair bhios an làn a-muigh. 'S ann san 13mh linn a chaidh a thogail ach chaidh a ghabhail thairis le Amy 'IcRuairidh às dèidh dhan phòsadh aice do Iain, 7mh Tighearna nan Eilean, a bhith air a sgaoileadh sa 14mh linn. 'S e an dàrna mac aig Amy a bha na fhear-stèidhidh do MhacDhòmhnaill Chlainn Raghnaill agus 's ann acasan a-rithist a bha Caisteal Tioram na dhaingneachd.
Bha eachdraidh gu math riaslach aig a' chaisteal. Chaidh ionnsaigh a dhèanamh air an 1554 fo òrdugh Màiri de Guise agus chaidh a ghlacadh le Crombail ann an 1651. Mus do dh'fhalbh e leis na Seumasaich ann an 1715 loisg am fear-seilbh mu dheireadh an caisteal gus nach gabhadh a chleachdadh le feachdan an riaghaltais. Cha deach duine a-riamh tuilleadh a dh' fhuireach ann agus tha e a-nis na thobhta cunnartach.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive