- TIOTAL
- Còignear Pheathraichean Chinn Tàile, Loch Dubhaich
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0344
- ÀITE
- Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10053
- KEYWORDS
- Còignear Pheathraichean Chinn Tàile
Ceann Tàile
beanntan
beul-aithris
draoidhean
seanchas
Èirinn

San dealbh seo, a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, chithearBeanntan Chinn Tàile on àird an iar thuath. 'S e na beanntan Sgùrr Mòraich (876m), Sgùrr nan Saighead (929m), Sgùrr Phuaran (1068m), Sgùrr na Càrnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m).
A rèir beul-aithris chaidh dithis phrionnsaichean Èireannach a sguabadh gu tìr ann an stoirm agus thuit iad ann an gaol le dithis de na seachdnar nigheanan aig Rìgh Chinn Tàile. Phòs an dithis phrionnsaichean an dithis nighean a b' òige agus thill iad leotha a dh'Èirinn, an dèidh dhaibh gealltainn gun cuireadh iad ann na còignear bhràithrean aca fhèin airson nan còignear pheathraichean eile. 'S ann gu dìomhain a dh'fhuirich an còignear pheathraichean gus mu dheireadh dh'iarr iad air Draoidh Glas Choire Dhunaid am faodadh an fheitheamh aca maireachdainn na b' fhaide na am beatha fhèin. Thionndaidh esan iad nam beanntan.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive