- TIOTAL
- Ìomhaigh de Chàmshron Loch Iall, An Gearsadan
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0460
- ÀITE
- An Gearasdan
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10294
- KEYWORDS
- Gàidheil
ìomhaighean
eaglaisean
ìomhaigh
eaglais

Chaidh an dealbh dhen ìomhaigh uamha seo de Chàmshron loch Iall a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad leth dhen fhicheadamh linn. Tha i faisg air Eaglais Naomh Anndra anns A' Ghearasdan agus chaidh a toogail ann an 1909.
Tha na leanas sgrìobhte air a' bhun-charraigh: "Donald Cameron of Lochiel XXIV Chief of the Clan. Lord Lieutenant, Convenor and for many years Representative in Parliament of the County of Inverness. Born 1855 died 1905. Erected by clansmen and friends in token of their devotion, respect and admiration"
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive