- TIOTAL
- Rùm bho Eige
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0504
- ÀITE
- Eige
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10392
- KEYWORDS
- Eige
An Sgurr
Bàgh Laig
clach-ghainmhche
Camas Sgiotaig
basalt
làbha

Chaidh an dealbh seo de chladach a tuath Eige a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth dhen 20mh linn. 'S e Eige fear dhe na h-Eileanan Beaga (Ìnnse Gall a-staigh). Tha e mu sheachd mìle far tìr mòr. 'S e An Sgurr, air a dèanamh de làbha, a' chuid as àirde dhen eilean seo. Tha na bearraidhean ann an ceann a tuath Eige aig Bàgh Laig agus Camas Sgiotaig de chlach-ghainmche shoilleir a bhios a' dol na cruthan annasach nuair a tha i a' bleith agus chruthaich seo an tràigh ainmeil ann an Camas Sgiotaig.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive