- TIOTAL
- Camas nan Geall, Àird nam Murchan
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0512
- ÀITE
- Bàgh Laig
- SGÌRE
- Eige
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10413
- KEYWORDS
- Eige
Bàgh Laig
Camas Sgiotaig
clach-ghainmhche
Rùm
An Sgurr
basalt
làbha

Tha tobhtaichean an t-seann bhaile, Camas nan Geall, mu sheachd mìle an iar dheas air an Tairbeart air cladach a deas Rubha Àird nam Murchan. Tha seo coltach ri iomadh tuineachadh eile air a' Ghàidhealtachd; talamh air chumadh leth-chearcaill ris a' chladach le beanntan mun cuairt air. A bharrachd air tobhtaichean, tha cladh beag ann (sa mheadhan air an taobh chlì), tursa, càrn seòmarach agus dùn ro-eachdraidheil a' coimhead thar a' bhàigh. Chaidh an dealbh seo de Chamas nan Geall a thogail sa chiad leth dhen 20mh linn.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive