- TIOTAL
- Drochaid thar a' Chuain Siar, Eilean Shaoil
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0666
- ÀITE
- Drochaid a' Chlachain
- SGÌRE
- Ceann a Deas Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Bhrianainn 's Cille Chatain
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10578
- KEYWORDS
- drochaidean
eileanan
innleadairean
togail dhealbh

Tha Eilean Shaoil air taobh sear na Linne Latharnaich, an iar dheas air an Òban. Tha Caolas Shaoil eadar an t-eilean agus tìr-mòr agus tha Drochaid a' Chlachain a' dol thar a' Chaolais. 'S e Drochaid thar a' Chuain Siar a theirear air Drochaid a' Chlachain mar as trice. An uair a chaidh an drochaid a dhealbh an toiseach, le Iain MacSteaphain às an Òban, bha dà stuagh gu bhith oirre ach chaidh sin atharrachadh gu aon stuagh an uair a bhathar ga togail le Raibeart Mylne ann an 1792.
Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i chun na Gàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i mun cuairt ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Àird nam Murchan fear dhe na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh, ann an Sanna, ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 rinn i iomadach leabhar air eachdraidh sòisealta agus cleachdaidhean an t-sluaigh ann an ceann a tuath agus taobh an iar na Gàidhealtachd. 'S iad 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' an dà leabhar as ainmeile a rinn i agus tha a dealbhan fhèin anns na leabhraichean sin. Dh'eug i ann an dachaigh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive