- TIOTAL
- Gleann Shligeachain le Marsco (air an làimh chlì), An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0774
- ÀITE
- Gleann Shligeachain
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Bracadal
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10670
- KEYWORDS
- a' togail dheilbh
an Cuiltheann
cnuic
beantan
glinn
creagan
creag-eòlas
, Sky.jpg)
Tha Gleann Shligeachain air an Eilean Sgitheanach a' ruith airson ochd mìle deas air Taigh-òsda Shligeachain don mhuir aig Camas Fhiunaraidh, faisg air Ealaghol. Tha e mar loidhne eadar An Cuiltheann Dubh a tha an iar air a' ghleann agus An Cuiltheann Dearg ris an ear. Tha An Cuiltheann Dearg air a dhèanamh le clach-ghràin caran dearg le coltas cruinn oirre agus tha An Cuiltheann Dubh, a tha gu math nas sònraichte na choltas, air a dhèanamh le gabbro, clach-theine, bhiorach. Chaidh an dealbh a thogail anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn le M.E.M. Donaldson.
Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive