- TIOTAL
- Loch Creag an Nis
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0793
- ÀITE
- Loch Creiginis
- SGÌRE
- Meadhan Earra-Ghàidheil
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Creiginis
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10686
- KEYWORDS
- a' togail dheilbh
lochan

Tha Loch Creag an Nis air cost Meadhan Earra-Ghàidheil, tuath air Slighe-uisge a' Chrìonain agus deas air an Òban. Tha na h-uisgeachan às a' fosgladh a-mach gu Caolas Dhiùra. Tha grunnan eileanan anns an loch, leis an fheadhainn as motha Eilean Rìgh, Eilean Mhic Chrion agus Eilean Mhicasgain. Tha baile Àrd Fheàrna agus clachain Chorranmòr agus Baile na h-Eaglaise air cladach an iar-thuath. Chaidh an sealladh seo de Loch Creag an Nis a thogail le M.E.M. Donaldson anns a' chiad phàirt den fhicheadamh linn.
Rugadh Màiri Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail i air feadh taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear de na h-àitea a b' fheàrr leatha agus rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas Donaldson mòran leabhraichean mu eachdraidh shòisealta agus cleachdaidhean air taobh an iar agus tuath na Gàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dà dhiubh làn le na dealbhan aice fhèin. Chaochail i ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlachadh anns an Òban.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive