- TIOTAL
- Drochaid thar Abhainn Afraig
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0879
- ÀITE
- Abhainn Afraig
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhòraig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10771
- KEYWORDS
- a' togail dhealbhan
drochaidean
drochaid
dealbh
aibhnichean
glinn

Tha Abhainn Afraig ag èirigh fo chnuic Aonach Meadhain air Druim a Tuath Ghleann Seile. Tha I a' dèanamh a slighe gu tuath tro Ghleann Afraig a-steach gu Loch Afraig agus gu Loch Beinn a' Mheadhain mus bi I a' coinneachadh ri Abhainn Deabhag gus an Abhainn Ghlas a chruthachadh, dìreach taobh an iar dheas Fàs na Coille. Chaidh dealbh den drochaid seo thairis air Abhainn Afraig, a tha 's dòcha aig ceann Loch Beinn a' Mheadhain, a thogail anns a' chiad phàirt den 20mh linn le M.E.M NicDhòmhnaill.
Rugadh Màiri Ethel Muir NicDhòmhnaill ann an 1876 agus thàinig I don Ghàidhealtachd timcheall air 1908. Shiubhail I timcheall taobh an iar agus taobh a tuath na Gàidhealtachd, a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Àird nam Murchan aon de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn I a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949 dh'fhoillsich a' Bh-Uas NicDhòmhnaill mòran leabhraichean mun eachdraidh shòisealta agus na cleachdaidhean anns an taobh an iar agus a tuath den Ghàidhealtachd. 'S e dhà de na leabhraichean as ainmeile aice 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' agus tha na dhà dhiubh làn de na dealbhan aice fhèin. Chaochail I ann an taigh-altraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tiodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive