- TIOTAL
- Machair aig Bàgh Shanna, Àird nam Murchan
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0899
- ÀITE
- Sanna
- SGÌRE
- Àird nam Murchan
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10792
- KEYWORDS
- Gàidhealtachd agus Eileanan
eachdraidh shòisealta
crìonadh talmhainn
dealbh camara
bàighean
costa
costaichean
cladach
cladaichean
gainmheach, tràigh

Tha Bàgh Shanna, air costa iar-thuath Àird nam Murchan, eadar Rubha Shanna gu tuath is Rubha Àird nam Murchan gu deas. Chaidh an dealbh seo, a tha a' sealltainn mar a tha am machair a' crìonadh air an làimh dheis, a thogail sa chiad leth den 20mh linn. Chaidh a togail le M.E.M Donaldson. Is e seòrsa de thalamh ionaltraidh a tha torrach is so-leònte a th' ann am machair. Tha mòran slige ann an gainmheach a' mhachaire. Tha na machraichean air costa an iar na Gàidhealtachd, anns na h-Eileanan Siar gu h-àraidh. Gu tric cleachdaidh coimhearsnachdan machraichean airson àiteachais is ionaltradh. Tha am machair an cunnart bho àrdachadh ann an ìre na mara agus bho stoirmean sa Chuan Siar a tuath.
Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a thog i fhèin. Chaochail i ann an dachaidh-cùraim ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive