- TIOTAL
- Eige agus Rum o Àird nam Murchan
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_1048
- ÀITE
- Àird nam Murchan
- SGÌRE
- Àird nam Murchan
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 10938
- KEYWORDS
- togail dhealbhan
A' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan
eachdraidh shòisealta
Ìnnse Ghall
oirthirean
tràighean
cost

Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn, agus chì thu ann eileanan Eige agus Ruma mar a chithear iad o thràighean Àird nam Murchan.
Rugadh an tè a thog an dealbh, Mary Ethel Muir Donaldson, ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na sgìrean a b' fheàrr leatha Rubha Àird nam Murchan agus b' ann an sin, ann an Sanna, a rinn i dachaigh ann an 1927.
Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchas agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd a tuath is an iar. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' a dhà de na leabhraichean as ainmeile aice agus 's e na dealbhan-camara aice fhèin a tha san dà leabhar. Bhàsaich i ann an taigh-altraim ann an Dun Èideann an 1958, agus chaidh a tìodhlacadh san Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive