- TIOTAL
- Prìomh-mhinistear, Lloyd George, air fhàilteachadh aig Taigh Baile Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_51B_IV
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 7 Sultain 1921
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11187
- KEYWORDS
- coinneamh Chaibineat Bhreatainn
Taigh Baile Inbhir Nis
Prìomh mhinistearan
Ceist na h-Eirinn
Rìgh Deòrsa V
Daibhidh Lloyd George
Formula Inbhir Nis

Sluagh taobh a-muigh Taigh Baile Inbhir Nis, airson Coinneamh de Chaibineat Bhreatainn air an t-7mh dhen t-Sultainn, 1921. B'e seo an aon choinneamh caibineat de Riaghaltas Bhreatainn a bha riamh air a cumail taobh a-muigh Lunnainn.
Bha am prìomh mhinistear, Daibhidh Lloyd George, air saorlàithean ann an Geàrrloch air taobh Siar Rois nuair a fhuair e a-mach gun robh Eirinn air an Rìgh agus an Iompaireachd a dhiùltadh. Roghnaich e an caibineat a chumail ann an Inbhir Nis, an àite siubhal air ais a Lunnainn, seach gun robh an leas-mhinistear aige ann an Dùnaidh agus an Rìgh Deòrsa ann am Mòigh.
Thàinig 'Formula Inbhir Nis' às an seo a chruthaich bunait nan deasbadan a bha aig a' choinneimh far an do chruthaicheadh Cùmhnant Stàit Shaor na h-Eirinn.
Bha a' choinneamh air a cumail ann an Seòmar na Comhairle aig 11am. An làthair bha Daibhidh Lloyd George (Prìomh mhinistear), Austen Chamberlain (Morair an t-Seula Dhìomhair), Bhiocas Birkenhead (Ard-sheansalair), an Ridire Raibeart S. Horne (Seansalair an Ionmhais), Eideart Shortt (Rùnaire na Dùthcha), Eideart S. Montague (Rùnaire na h-Innse), Bhiocas Derwent (Morair-ionaid a' Chrùin airson Eirinn), an Ridire Hamar Greenwood (Rùnaire na h-Eirinn), an Ridire Eric Geddes (Rùnaire a' Chòmhdhail), Stanley Baldwin (Rùnaire Bòrd a' Mhalairt), an Ridire Alfred Mond (Ministear na Slàinte), an Ridire Laming Worthington Evans (Rùnaire airson Cogaidh), an Ridire Artair Griffiths Boscawen (Ministear an Iasgaich agus an Àiteachas), Raibeart Rothach (Rùnaire na h-Alba), an Dr T.J. Macnamara (Ministear nan Obraichean) agus Winston S. Churchill (Rùnaire nan Colonaidhean).
Chuir Uilleam Bain, oifigear na comhairle, timcheall pìos de phàipear bàn (air a shealltainn san dealbh) agus chuir gach ball an ainm ris. Tha seo fhathast aig a' chomhairle agus tha leth-bhreac dheth a-nis air a thaisbeanadh seach gu bheil am pàipear tùsail air meathadh.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive