- TIOTAL
- Taobh an iar Caisteal Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_688
- ÀITE
- Dùn Bheagan
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Diùirinis
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11423
- KEYWORDS
- Caisteal Dhùn Bheagain
an t-Eilean Sgitheanach
Clann 'Ic Leòid
Tùr nam Ban Sìdh
beul-aithris
sìdhichean

Taobh an iar Caisteal Dùn Bheagain, an t-Eilean Sgitheanach. Tha e furasta a dhìon air sgàth gu bheil e cha mhòr air a chuartachadh le uisge. Seo daingneachd Ceann Cinnidh Clann 'Ic Leòd, a chaidh a thogail anns a' 15mh linn agus thathas air a bhith a' cur ris bhon uairsin. Tha e a' tàladh mòran luchd turais.
Tha an caisteal air a chuartachadh air trì taobhannan le creagan agus uisge Loch Dùn Bheagain agus air an taobh eile le dreàna dhomhainn, agus tha an caisteal furasta a dhìon. B' e an aon dòigh a-steach an geàta airson nam bàtaichean a bha a' coimhead dhan fhairge. Ann an 1748 chaidh drochaid a thogail a bha a 'dol tarsainn air an dreàna agus cha robh feum air a' gheàta tuilleadh.
Tha ionad-dìon ann an Dùn Bheagan a chaidh a thogail anns a' 14mh linn. B' e Calum an trìtheamh ceannard air Clann 'Ic Leòid a thog e. Tha e 15 meatairean de dh' àirde agus tha na ballachan 3 meatairean de leud. B' ann an seo a bha an toll-dubh agus rumannan glaiste, an talla mhòr, agus na seòmraichean cadail. Chaidh na binnein am muigh agus an tùr-amhairc a thogail an dèidh sin. Cha deach obair a dhèanamh ris an ionad gleidhidh seo ach gun deach mullach ùr a chur air ann an 1790.
Aig a' cheann eile, air taobh an ear an togalaich, tha an Tùr Shìdhe a chaidh a thogail mu 1500 le Alasdair Crotach,an t-8mh ceann cinnidh. Seo far a bheil na rumannan làitheil. 'S dòcha gun tàinig an t-ainm an Tur Shìdhe bhon Bhratach Shìdhe a bha cudromach ann an eachdraidh Chlann 'Ic Leòid. Tha am bratach co-dhiù 1,000 bliadhna a dh'aois agus tha e air aithris gu bheil cumhachd aig a' bhratach a tha air Clann 'Ic Leoid fhàgail slàn 's fallain aig Caisteal Dùn Bheagain thairis air na 1,000 bliadhna.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive