- TIOTAL
- Sealladh de Cheàrnaig an Stèisein, air a thogail bho Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- GB1796_1999_116_VII_7014
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1890an; 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11486
- KEYWORDS
- Carragh-cuimhne nan Camshronach
Inbhir Nis
Ceàrnag an Stèisein
Camshronaich Ghàidhealach na Bànrigh
iomairtean
an Eiphit
an Sudan
G. Wade
Taigh-òsta an Stèisein
Stèiseanan nan Rathaidean Iarainn

Sealladh de Cheàrnaig an Stèisein, air a thogail bho Shràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis.
Ann an làimh chlì dhen dealbh tha prìomh dhoras stèisean nan trèanaichean, air a thogail ann an 1855, bho dhealbhachadh Iòsaiph Mitchell. Chaidh a sgrios anns na 1960an.
Ri taobh an stèisein chithear Taigh-òsta an Stèisein, air a thogail ann an stoidhle Eadailteach agus air a chrìochnachadh ann an 1859. Tha Carragh-cuimhne nan Camshronach ann am meadhan na ceàrnaig. Tha an carragh-cuimhhne mar chuimhneachan air na thuit de Camshronaich Ghàidhealach na Bànrigh anns na h- iomairtean anns an Eiphit agus ann an Sudan ann an 1882 agus 1885. Chaidh an carragh-cuimhne fhoillseachadh le Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach agus b' iad 79mh Camshronaich Ghàidhealach na Bànrigh a chuir suas e. B'e G. Wade à Lunnainn an snaidheadair, agus air a' charragh-cuimhmne tha Camshronach Gàidhealach le sphions aig a chasan.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive