- TIOTAL
- Sneachd air an loidhne, Gallaibh
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_02_438
- ÀITE
- Caithness
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11622
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
aithisg Beeching
Loidhne na Gaidhealtachd a Tuath, sneachd

Air a' chairt-phuist seo, chithear crann-sneachda air trèana ann an Gallaibh.
Bha na rathaidean-iarainn air Ghàidhealtachd buailteach a bhith a' faighinn droch gheamhraidhean gu h-àraidh anns an dàrna leth den 19mh linn, nuair a bha na loidhnichean ùr. Chaidh feansaichean a chur suas ach cha robh iad uamhasach èifeachdach.
Sna 1860an chaidh croinn-shneachda a dheilbh agus a thogail aig ionad-obrach an rathaid-iarainn ann an Inbhir Nis. B' urrainn dhaibh cuitheachan cho domhainn ri 12 throigh a ghluasad. Bhiodh suas ri ceithir einnseanan air an ceangal ri chèile agus bhiodh an crann a' dèanamh 'ionnsaigh' air a' chuithe-sneachda bho mu leth-mhìle air falbh. Bha flapaichean cliathaich air lùdagan aca a ghabhadh am pasgadh nuair nach robh iad gan cleachdadh.
Dh'fhosgail Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa eadar 1862 agus 1874. Tha i còrr is 150 mìle a dh'fhaid agus 's i an rathad-iarainn as fhaide a tuath san Rìoghachd Aonaichte.
Anns an aithisg ainmeil aige 'Reshaping Britain's Railways' ann an 1963, mhol an Dr Richard Beeching gum bu chòir Loidhne a' Chinn a Tuath a dhùnadh cho math ri Loidhne a' Chaoil agus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Cha deach na loidhnichean seo a dhùnadh, ge-tà, agus tha Loidhne a' Chinn a Tuath fhathast fosgailte.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive