- TIOTAL
- Eideard VII ann an Stèisean Inbhir Garadh, An t-Sultain 1905
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_02_458
- ÀITE
- Inbhir Garadh
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
- DEIT
- 25 Sultain 1905
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11641
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
stèiseanan dùinte
seann stèiseanan
loidhnichean duinte
steiseanan duinte
monarcan
monarcachd
rìoghalachd

Anns an deilbh seo, chithear Rìgh Eideard VII ann an Stèisean Drochaid an Aonachain agus e air turas don Ghàidhealtachd ann an 1905. Dh'fhuirich an rìgh ann an Loidse seilge Ghleann Cuaich air oighreachd Ghleann Garadh faisg air seo.
Bha Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Cille Chuimein a' ceangal Drochaid an Aonachain (air loidhne na Gàidhealtachd an Iar) agus Cille Chuimein. Chaidh an Achd a bha a' toirt cead an rathad-iarainn a thogail aontachadh ann an 1896 agus dh'fhosgail an loidhne anns an Iuchar 1903. Bha an loidhne air a h-obrachadh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (Highland Railway) airson a' chiad còig bliadhna agus bho 1908 gus an do dhùin i ann an 1947 bha i air a h-obrachadh le Rathad-iarainn an NB (North British). Sguir seirbheisean luchd-siubhail ann an 1933.
Bha na stèiseanan a leanas air an loidhne: Drochaid an Aonachain (ceann-rèile), Geàrr-Lòchaidh, Àrd-ùrlar Inbhir Ghlaoidh, Inbhir Garadh, Obar Chaladair, Cille Chuimein, Cidhe Chille Chuimein.
Bha e san amharc gum b' e seo a' chiad pàirt de cheangal rèile eadar An Gearastan agus Inbhir Nis ach cha d' fhuair e na b' fhaide na Cille Chuimein air sgàth eas-aonta eadar Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar agus an NB air aon taobh agus Rathad-iarainn na Gàidhealtachd air an taobh eile.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive