- TIOTAL
- HR 38 air trèana faisg air Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_02_480
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11662
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
locothan
einnseinnean
smuid

Ann an 1864 fhuair Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Obar Dheathain deich locothan clas '36' bho Sharp, Stewart & Co. B' e 2-4-0an a bh' annta sin a bha glè choltach nan dealbhadh ri na 'Glenbarries' a bha air an ath-thogail. Air an àireamhachadh 36 gu 45, chaidh iad uile ath-thogail eadar 1876 agus 1889 le siolandairean agus rothan dràibhidh na bu motha, am measg nithean eile. Chaidh ainmean a thoirt dhaibh uile le 'I & AJR' ach chaidh iad sin a thoirt bhuapa aig àm air choireigin mus deach an toirt à seirbheis.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 38 . Chaidh ath-thogail san Lùnastal 1882 agus lean e ann an seirbheis gus an deach a reic san t-Sultain 1902. Bha an t-ainm 'Kincraig' air.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive