- TIOTAL
- HR 68 "Muirtown"
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_8
- ÀITE
- neo-aithnichte
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11677
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
locothan
einnseinnean
smuid

Ghabh a phrìomh neach-cuideachaidh, Daibhidh Jones, àite Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locothan aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1870. B' e a' chiad loco a chaidh a thogail de dhealbhadh Jones an clas 'Duke 4-4-0 a bha ag obair air trèanaichean luath luchd-siubhail. Chaidh deich a thogail le Dübs ann an Glaschu ann an 1874 (àireamhan 60 gu 69) agus chaidh seachd eile a dhèanamh ann an Inbhir Nis eadar 1876 agus 1888 (àireamhan 4, 71 gu 75 agus 84. Glè thric thathar a' toirt iomradh air na trèanaichean a chaidh a dhèanamh an Inbhir Nis mar 'Lochgorm Bogies'.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 68 'Muirtown'. Chaidh a chrìochnachadh san Lùnastal 1874 agus b' e 'Caithness-shire' an t-ainm tùsail a bh' air. Chaidh a ath-ainmeachadh dà uair, an tòiseach 'Caithness' agus an uair sin 'Muirtown'. Chaidh ath-thogail dà uair cuideachd, sa Ghearran 1888 agus san t-Sultain 1898. Chaidh a thoirt à seirbheis mu dheireadh agus a reic ann an 1907.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive