- TIOTAL
- HR 53 "Lybster"
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_12
- ÀITE
- neo-aithnichte
- LINN
- 1900an; 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11681
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
locothan
einnseinnean
smuid
Rathad-iarainn Aotrom Inbhir Uige is Liaboist
rathaidean-iarainn aotrom

Ann ann 1890, gus àite an einnsein tanca clas 'Belardrum' 2-2-2 'Strathpeffer' (HR12) a bha a' fàs aosta a ghabhail, thog Rathad-iarainn na Gàidhealtachd einnsean tanca diollaid ùr aig an ionad-obrach Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Bha co-chur rothan 2-2-2 aige cuideachd agus chaidh ainmeachadh 'Strathpeffer' cuideachd. B' e 13 an àireamh thùsail a bh' air ach chaidh ath-àireamhachadh 53 san t-Sultain 1899. Chaidh ath-thogail le goileadair ùr agus tancaichean cliathaich ann an 1901 agus chaidh ath-ainmeachadh mar 'Lybster' sa Chèitean 1903 nuair a chaidh a ghluasad a dh' obrachadh air Rathad-iarainn Inbhir Ùige is Liabost a bha air ùr chrìochnachadh. Chaidh ath-àireamhachadh a-rithist ann an 1919, an turas seo gu 53 A agus ghluais e gu sealbh LMS mar 15050. Chaidh a thoirt à seirbheis san Dùbhlachd 1929.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive