- TIOTAL
- Drochaid air meur-loidhne Dhòrnaich, a' Mhùnd
- EXTERNAL ID
- GB1796_RAILWAYSLIDES_987_168_22
- ÀITE
- A' Mhùnd
- SGÌRE
- Dòrnach agus Craoich
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Dòrnach
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11691
- KEYWORDS
- rathaidean-iarainn
treanaichean
còmhdhail
rathadan-iarainn aotrom
reachdas
rathad-iarainn na Gaidhealtachd a Tuath
rathaidean-iarainn duinte
loidhnichean duinte

Anns an deilbh seo, chithear drochaid air Rathad-iarainn Aotram Dhòrnaich aig a' Mhùnd faisg air Goillspidh. Tha coltas gu math ùr air an drochaid agus air na feansaichean agus mar sin, tha e coltach gun deach seo a thogail tràth anns na 1900an.
Dh'fhosgail Rathad-iarainn Aotram Dhòrnaich 2 Iuchar 1902. Bha e 8 mìle a dh'fhaid le stèiseanan ann an Dòrnach, Skelbo, Eurabol agus a' Mhùnd agus stad (halt) ann an Cambusavie. Bha a' mheur-loidhne ceangailte ri Loidhne a' Chinn a Tuath (an loidhne gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa) aig Stèisean a' Mhùnd faisg air Goillspidh. Bha an rathad-iarainn seo le companaidh neo-eisimeileach agus air obrachadh às an leth le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (Highland Railway - HR) gus an deach a ghabhail thairis leis an LMS (London Midland and Scottish) aig àm a' Chruinneachaidh (Grouping) ann an 1923. Dhùin loidhne Dhòrnaich ann an 1960.
Chaidh an rathad-iarainn dùthchail seo a thogail fo Achd nan Rathad-iarainn Aotrom (Light Railways Act) 1896, achd a bha ag amas air an lìonra-rèile a leudachadh ann an sgìrean dùthchail tro bhith ga dhèanamh na b' fhasa is na bu shaoire rathaidean-iarainn ùra a thogail.
Chaidh trì rathaidean-iarainn a thogail air a' Ghàidhealtachd fon reachdas seo: Rathad-iarainn Dhòrnaich ann an Cataibh (1902-1960), Rathad-iarainn Inbhir Ùige agus Liaboist ann an Gallaibh (1903-1944) agus Rathad-iarainn Cheann Loch Chille Chiarain is Mhachaire Shanais ann an Earra-Ghàidheal (1906-1931).
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Highland Photographic Archive