- TIOTAL
- Taigh Bhaile Mac Ara
- EXTERNAL ID
- HCD00050
- ÀITE
- Baile Mac Ara
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 11775
- KEYWORDS
- taighean

Cheannaich Sir Ùisdean Innes an oighreachd ris an canar a-nis Oighreachd Loch Aillse ann an 1801.
Goirid an dèidh a ceannach, thog e Taigh Bhaile Mac Ara air cladach Loch Aillse agus bha e a' fuireach an sin. Tha an taigh ann an dealbh aquatint a rinn Uilleam Daniell mu 1819 ach chaidh a leasachadh gu mòr on uair sin. Cheannaich Sir Alasdair MacMhathain an taigh meadhan an 19mh linn, agus bha e a' fuireach ann fhad 's a bha Caisteal Dhùn Creige ga thogail dha mar phrìomh àite-còmhnaidh. Chaidh Taigh Bhaile Mac Ara a reic an uair sin ri Sir Daniel Hamilton agus chaidh e gu Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1947 nuair a chaochail a' bhanntrach aige
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives