- TIOTAL
- Uaigh Fhlòraidh NicDhòmhnaill, Cille Mhoire
- EXTERNAL ID
- HCD00496
- ÀITE
- Cille Mhoire
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Diùirinis
- DEIT
- 1950
- LINN
- 1950an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12203
- KEYWORDS
- Flòraidh NicDhòmhnaill
cuimhneachain
càirn-cuimhne
Cille Mhoire
zoomable
deilbh leudachail
Tha an cuimhneachan seo do Fhlòraidh NicDhòmhnaill ann an cladh an Cille Mhoire, ann an ceann a tuath an Eilein Sgiathanaich. Rugadh i ann an Uibhist a Deas ann an 1722. Bhàsaich a h-athair goirid an dèidh sin, phòs a màthair a-rithist is chaidh Flòraidh a togail le teaghlach Chlann Raghnaill. Fhuair i foghlam ann an Dùn Eideann.
Nuair a bha i a' tadhal air a bràthair ann an Uibhist a Deas ann an 1746, chuidich Flòraidh ann am plana a chum Teàrlach Eideard Stiùbhart a thoirt dhan Eilean Sgiathanach gun fhios, ann an aodach a ban-oglaich 'Betty Burke'. Chaidh a cur ann an grèim airson a pàirt ann an seo is chaidh a cur gu Tùr Lunnainn, ach chaidh a leigeil às goirid an dèidh làimh air sgàth Achd Urras Cuidhteachaidh 1747. An dèidh greis ann an Carolina a Tuath, far an robh an duine aice anns a' phrìosan, stèidhich iad iad fhèin is an teaghlach as ùr ann an Cinnseaborg, san Eilean Sgiathanach. Bhàsaich Flòraidh ann an 1790, is chaidh cuimhneachan dhi a thogail an toiseach ann an 1871 ann an Cille Mhoire. Chaidh seo a leagail leis a' ghaoith ann an 1879, ach chaidh crois ùr a thogail ann an 1880, agus ath-nuadhachadh air a dhèanamh ann an 1882. Tha am marbhrann air a' chuimhneachan, air a sgrìobhadh le Dotair MacIain, ag ràdh: "Ainm a thèid aithris ann an eachdraidh, agus mas e deagh-bheusan a th'ann an gaisgeachd agus an dìlseachd, a thèid aithris le urram"
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives