- TIOTAL
- Caol Àcain is Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- HCD00546
- ÀITE
- Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1940an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12251
- KEYWORDS
- Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Eilean Bàn
taigh-solais
sgrìobhadairean
zoomable
deilbh leudachail
Chaidh an dealbh seo a thogail beagan tuath air Caol Loch Aillse, a' coimhead thar Loch Aillse gu Caol Àain, leis An Cuiltheann san Eilean Sgitheanach aig astar. Tha seo a' sealltainn Eilean Bàn, air a bheil pàirt de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich an-diugh. Chaidh taigh-solais an eilein, le tùr 70 troigh, a thogail ann an 1857 o bhreige is clachan bhriste. Bha an dà neach-gleidhidh is an teaghlaichean a' fuireach anns na bothain air an eilean, is an clann air an toirt dhan sgoil ann an Caol Àcain air bàta. Chaidh an taigh-solais a dhèanamh fèin-sheòlaidh ann an 1960.
Ann an 1963 cheannaich an t-ùghdar is neach-eòlais-nàdair Gavin Maxwell an t-eilean. Bha e an dòchas pàirc fhiadh-bheatha a dhèanamh dheth, ach bhàsaich e mu tàinig sin gu buil. Tha an t-eilean le Urras Eilean Bàin, is tha Stèidheachd 'Born Free' na chom-pàirtiche den urras. Tha an t-Urras airson àrainneachd an eilein a dhìon
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives