- TIOTAL
- Càrn-cuimhne MhicMhuirich
- EXTERNAL ID
- HCD00609_AT
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- DEIT
- 2008
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Am Baile
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12313
- KEYWORDS
- càrn
cuimhneachan
MacMhuirich

Chaidh an càrnseo de chlach-ghràin ghlais, a tha a' coimhead thar Loch Aillse, a thogail mar chuimhneachan air a' Chòirneal Dòmhnall MacMhuirich le iar-ogha mac-bràthar dha, Ruairidh MacMhuirich, mu 1863, mar aithne air fhìor dhìlseachd. Bha Dòmhnall a' cur a bheatha ann an cunnart a' cruinneachadh màl san sgìre às leth fastaiche Seumasach a bha na fhògarrach, an còigeamh Iarla Shìophoirt, a bh'ann an Tùr Lunnainn. Chaidh maitheanas a thoirt dha mu dheireadh, is thug Rìgh Seòras I fearann dha. Bhuail dealanach an càrn-cuimhne ann an 1927, ach rinn neach eile de shliochd Shir Choinnich MacMhuirich, ath-thogail air. Tha soighne on A87 eadar Baile Mac ara is Caol Loch Aillse chun a' chùrn, a th'air ath-thogail san dealbh seo