- TIOTAL
- Caisteal Chìosamail, Bàgh a' Chaisteil, Barraigh
- EXTERNAL ID
- HCD00692
- ÀITE
- Bàgh a' Chaisteil
- SGÌRE
- Barraigh
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Barraigh
- LINN
- 1940an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12402
- KEYWORDS
- Barraigh
Caisteal Chìosamail
Bàgh a' Chaisteil
Eileanan Siar
Eileanan an Iar
Innse Gall

Tha Caisteal Chìosamaill, daingneachd Clann MhicNèill bho 1427, ann am Bàgh a' Chaisteil ann an ceann a deas Bharraigh agus is iomadh dealbh a chaidh a thogail dheth. Tha Eilean Bharraigh aig ceann a deas nan Innse Gall agus tha e air a sgaradh bho Uibhist a Deas le Caolas Bharraigh agus Eilean Eiriosgaigh. Chan eil Barraigh ach mu 8 mile a dh'fhaid agus 5 mìle a leud le 12 mìle de rathad a' cuairteachadh an eilein. Is e Bàgh a' Chaisteil an t-ainm a th' air prìomh bhaile an eilein, a tha mu choinneimh a' chaisteil, cuideachd. Chaidh Donnchadh Mac a' Phearsain, neach-chungaidhean a' Chaoil agus dealbhadair air turas de na h-Eileanan Siar rè nan 1940an. Thug e tuairisgeul air an turas seo anns an leabhar aige "Lure of the West". Sheòl e fhèin agus a bhean, Mairead, bhon Chaol gu Steòrnabhagh. Chaidh iad air turas de Leòdhas is na Hearadh agus an uairsin, sheòl iad gu deas air a' mhuir bho Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas. Ghabh iad bàta beag air mhàl aig an taigh-òsta aca airson an toirt air turas latha gu Barraigh. Ghabh iad lòn anns an taigh-òsta aca ann am Bàgh a' Chaisteil agus chaidh an draibheadh timcheall an eilein (aig 10 mìle san uair). Mar phàirt de seo, dhraibh iad thairis air a' ghainmhich bhàin chruaidh air an Tràigh Mhòir, a tha fhathast ga cleachdadh mar raon-laighe airson na seirbhis adhair làitheil à Glaschu, a rèir an làn-mhara. Thill Mgr Mac a' Phearsain agus a bhean, gu Uibhist a Deas taobh Eiriosgaigh agus lean na saor-làithean aca le turas dhan chòrr de dh'Uibhist agus Beinn na Faoghla mus do sheòl iad dhachaigh à Loch nam Madadh air bòrd an "Lochearn"
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives