- TIOTAL
- An ciudha aig an aiseag dhan Eilean, Caol Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- HCD00783
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12477
- KEYWORDS
- carbadan
luchd-turais
càraichean
laimrig
aiseagan
Caol Loch Aillse

Anns na 1930an, dh'fhaodadh e bhith sàrachail a' dol a-null dhan Eilean. Gu h-àraidh as t-samhradh nuair a bhiodh luchd-turais a' tighinn nan dròbhan air an trèana agus ann an càraichean, bhiodh an ciudha airson an aiseig tric a' sìneadh air ais gu prìomh shràid a' bhaile. Tha luchd tadhail latha am measg an t-sreath chàraichean a' feitheamh ris an aiseag 2-chàr a bhiodh a' ruith tarsainn a' chaolais. Chaidh mòran den luchd tadhail sin a-null dìreach ach am faodadh iad a ràdh gu robh iad air a bhith "over the sea to Skye", agus 's iongantach mura biodh iad air ais air an trèana, na cairtean-puist aca sgrìobhte agus sa phost, am feasgar sin fhèin. 'S e sailiùnaichean 'coachbuilt' bho na 1930an a th' anns na carbadan; chan eil ach dà shuidheachan agus 'dickey seat' a bharrachd aig a' chùl aig a' chàr fhosgailte air an taobh dheas. Tha e doirbh aithneachadh bhon taobh seo ach 's dòcha gur e Morris, Lanchester/Austin no Humber a th' ann
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives