- TIOTAL
- Cidhe Shuidhisnis, Eilean Ratharsair
- EXTERNAL ID
- HCD00804
- ÀITE
- Ratharsair
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1920an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12496
- KEYWORDS
- Eilean Ratharsair
mèinn-iarainn
mèinn
cidhe

Sealladh den Eilean Sgitheanach o chidhe Shuisinis, Ratharsair. Tha na toglaichean ann am meadhan na deilbh co-cheangailte ri cladhach agus giùlain mèinne-iarainn. Chaidh mèinne-iarainn a lorg air an eilean ann an 1893 agus dh'fhosgail Mèinn Iarainn Ratharsair ann an 1913. Bhiodh carbadan air an tarraing le einnsean smùide, a' cleachdadh càball, gan cleachdadh gus a' mhèinn-iarainn a ghiùlain do chidhe Shuisinis. Nuair a dh'fhosgail a' mhèinn an tòiseach, is e luchd-obrach à Siorrachd Lannraig, às a' Bheilg agus às an Eadailt a bha ag obair innte ach chaidh prìosanaich cogaidh Gearmailteach às a' chogadh mhòr a chur a dh'obair sa mhèinn cuideachd. Bha an obair air sguir ro 1920, agus chaidh a' chuid as motha de na h-innealan a thoirt air falbh. Chaidh Donnchadh Mac a' Phearsain agus a mhac a Ratharsair ann an 1940, agus thug e tuairisgeul air an turas san leabhar aige, 'Lure of the West'
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives