- TIOTAL
- Bràiste Fhàinneach
- EXTERNAL ID
- HCD_ARCH_0005
- ÀITE
- Leathallt, Bhaltos
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cille Mhoire
- CRUTHADAIR
- unknown
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12817
- KEYWORDS
- seudaireachd
culaidh choimheach
bràistean

Lorgadh am bràiste cruinn seo ann an Tobhta Ìosal, Sgoire Breac a Tuadh, air cladach ceann an ear thuath an Eilein Sgitheanaich. Tha i dèante à umha 's bho na meadhan linntean. Tha an sgeadachadh de thriantan crochte le oirean dùbailte geàrrte sa bheil cumadh ite gheàrrte. Tha na triantanan bàna eatarra air an innealachadh gu h-aotrom. O thùs bha prìne iarainn ceangailte air an eig anns a' phleit.
Bha a' bhràiste a' còrdadh ri daoine mar dhòigh air badan aodaich a cheangal sna meadhan linnteanl. Bha am prìne gluasadach na bhanntach gus gun tolladh agus gun ceangaileadh e fillidhean aodaich. Air bràistean pleite mar seo bha uachdar mullaich còmhnard a bha gu tric air a sgeadachadh, gu tric le saothair mhòr, agus uaireannan le seudan air an cur rithe.
Trast-thomhais: 48 mm, leud pleite: 8.5 mm, tighead pleite: 0.5 mm
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives