- TIOTAL
- Port Rìgh bhon Chala, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_165
- ÀITE
- Port Rìgh
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12957
- KEYWORDS
- cidhe
bàtaichean
sgadan
Taigh-òsta Rìoghail
Beaumont
iasgach malairteach
Telford
cidhe

'S e fìor shealladh taitneach a th' ann a bhith a' ruighinn Phort Rìgh air bàta. Tha taighean agus bùthan air iomall a' chidhe, a chaidh a phlanadh le Tòmas Telford, agus tha barraidean lùbte a' coimhead thairis orra. Dh'fhàs baile Phort Rìgh bhon chala, le iasgach agus trafaig malairt eile a' dèanamh cidhe trang dheth. B' ann dìreach nuair a chaidh rathaidean susbainteach a thogail air feadh an Eilein Sgitheanaich a thòisich an cala ri inbhe ann am beatha làitheil a' bhaile a chall.
Bha iasgach a-riamh cudromach san Eilean Sgitheanach. Bha iasg na stòr bìdh taghta ann an ceàrnaidh far nach b' urrainn earbsa a bhith ann am bàrr, agus bha e a' toirt cosnadh air an robh feum mhòr dha iomadh fear agus àireamh nas lugha de bhoireannaich. Tha aithisgean an iasgaich a' sealltainn gum b' e iasgach an sgadain a bu chudromaiche san Eilean Sgitheanach chun a' Chiad Chogaidh, ged a dh'fhaodadh an toradh atharrachadh gu mòr bho bhliadhna gu bliadhna. Bha cuideachd iasgach malairteach ann de throsg agus langa, agus gu ìre na bu lugha, giomach.
Nuair a bha iasgach an sgadain aig àirde, b' e aon de na gnìomhachasan bu chudromaiche san dùthaich. Bha na mìltean de bhàtaichean an sàs ann an gnìomhachas an sgadain ann an Alba, agus iad a' glacadh còrr agus fiach millean not de sgadan gach bliadhna. Cha b' e a-mhàin muinntir an Eilein Sgitheanaich a bha ag iasgach mun cuairt an Eilein, ach bàtaichean bho air feadh na dùthcha. Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn grunnan bhàtaichean ceangailte ris a' chidhe, ach tron t-seusan dh'fhaodadh an cala a bhith loma-làn bhàtaichean.
'S e Corran Bheaumont na taighean mòra a tha air lùb a' chala, le Barraid Bhosville gu h-àrd air an làimh dheis. 'S e An Taigh-òsta Rìoghail an togalach mòr a tha os cionn Corran Bheaumont
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives