- TIOTAL
- Port Rìgh bhon Mheall
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_194
- ÀITE
- Port Rìgh
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- J Valentine & Co
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12981
- KEYWORDS
- bailtean
bùithtean
taighean-òsta
J.G MacAoidh

Tha 'Meall na h-Acarsaid' far an deach an dealbh seo a thogail a nochdadh air cuid de sheann mapaichean mar Fancy Hill, 's dòcha bho na gàrraidhean chraobhan agus phreasan air an cur timcheall an tùir. A rèir aithris 's e Dr Alasdair MacLeòid, an Dotair Bàn, a thog an tùr 's a chuir dreach air an tìr sna 1830an nuair a bha e na bhàillidh aig treas Morair nan Dòmhnallach, Sir Godfrey. Tha an t-ainm The Lump nas cumanta a-nis air a' Mheall ged nach eil e idir cho càilear.
Anns an deilbh seo, is iad an Taigh-òsta Rìoghail, clì air meadhan na deilbhe air cùl na craoibhe, agus na Gladstone Buildings na prìomh toglaichean a chithear. Air stuadh nan toglaichean Gladstone tha soidhne air a bheil "The General Stores J.G. MacKay". Rugadh John Gunn MacKay ann an Loch Aillse ann an 1849. Bha a mhàthair às an Eilean Sgitheanach agus bha athair na mhaighstir sgoile à Cataibh. Às dèidh dha a bhith soirbheachail mar cheannaiche-aodaich ann an Glaschu, rinn e imrich a Phort Rìgh ann an 1885 agus dh'fhosgail e na General Stores air Bràigh a' Chidhe, faisg air a' chala. Tha an t-ainm Gladstone Buildings na chomharra air poileataics MhicAoidh. Bha a làn-thaic ri Comann an Fhearainn agus ri còraichean nan croitearan, cho math ri gnothaichean na Gàidhlig agus iomain. Bha e na eòlaiche cuideachd air Cinnidhean na Gàidhealtachd agus air breacan.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives