- TIOTAL
- Cidhe Armadail, An t-Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_270
- ÀITE
- Armadal
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Slèite
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13046
- KEYWORDS
- cidheachan
stiomairean
bàtaichean-smuid
luchd-siubhail
luchd-turais

Cha robh a' chiad cala ann an Armadal suidhichte air uisge a bha domhainn gu leòr airson bàtaichean-smùid a bhith stad ann agus mar sin, bhiodh daoine is bathair air an toirt gu tìr air bàtaichean beaga. Chaidh cidhe fiodha a thogail os cionn uisge na bu doimhne ann an 1915 agus chaidh seo a leudachadh ann an 1945. Chaidh a leasachadh a-rithist airson a dhèanamh freagarrach do dh'aithisgean "roll-on/roll-off" ann an 1994. Ged a tha e coltach gun deach an dealbh seo a thogail anns na 1920an, chaidh a' chairt seo a phostadh à Mòrar ann an 1932 le M. McInnes a bha air a bhith air turas latha don Eilean Sgitheanach, is dòcha air a' bhàta a chithear san deilbh, an S.S. Claymore.
B' e an S.S.Claymore a' chiad long a chaidh a choimiseanadh le David MacBrayne. Chaidh a cur air bhog ann an 1881 agus i 726 tunna de chuideam. A rèir cuid, is e long àlainn is air leth a bh' innte. Bha an Claymore ga cleachdadh fad na bliadhna mar bhàta ioma-chleachdaidh, gu h-àraid air slighe Glaschu-Steòrnabhagh taobh Poll Iù, An t-Allt Beithe agus Loch an Inbhir. Bho 1918 chaidh a cleachdadh às motha air an t-slighe eadar an t-Eilean Sgitheanach is tìr-mòr le cargu ach chaidh a cleachdadh cuideachd airson tursan 10 latha do luchd-turais. Chaidh a chur an àite an Sheila fad greis nuair a chaidh an Sheila air na creagan ann an 1927 ach ann an 1929, bheachdaich Companaidh Mhic a' Bhruthainn air a toirt às a' chabhlach ioma-chleachdadh. Chaidh a cumail fad bliadhna agus bha planaichean ann gus taigh-òsta air bhog a dhèanamh dhìth ach cha tàinig na planaichean seo gu buil agus chaidh a reic air £75 agus a briseadh ann an 1931.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives