- TIOTAL
- Iasgach le Lìon-poca, Port Rìgh
- EXTERNAL ID
- HCD_DAVIDBANKS_037
- ÀITE
- Port Rìgh
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1940an; 1950an
- CRUTHADAIR
- James/David Banks
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13093
- KEYWORDS
- lìn-phoca
bradan
iasgach
geòla
geòlannan
sgioba iasgaich
aodach

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail ann an cala Phort Rìgh agus an sgioba de cheathrar a' togail lìon-poca a' lorg bhradan. Tha iad air an còmhdach ann an oilisgin fhada. Tha an dealbh seo a' sealltainn cho stòlda 's a tha geòla nan sùdh na suidhe san uisge ged a tha an sgioba uile san aon taobh. Bha an t-seòrsa bàta seo air a dheilbh le toiseach àrd agus bonn còmhnard a bha freagarrach airson tarraing a-steach nan lìon no nan acair. Bha iad stòlda fiù 's ann an droch mhuir agus bha pailteas rùm annta far an cuireadh na fir an t-iasg a ghlac iad.
Chaidh am bàta seo a dheilbh mar bhàta nan ceithir ràmh ach glè thric bhiodh einnsean aig a' gheòla cuideachd, agus bha am proipeilear na shuidhe am broinn slige a' bhàta gus an sìabadh am bàta tarsainn air na lìn gun a dhol an sàs annta. Bheireadh iad am bradan air ais a Phort Rìgh don taigh-deighe, far am biodh e air a stòradh gus an deidheadh a thogail bhon Eilean.
West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.
Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.
Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.
Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives