- TIOTAL
- Sgioba Iasgach a' Bhradain, Ratharsair
- EXTERNAL ID
- HCD_DAVIDBANKS_067
- ÀITE
- Ratharsair
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1950an; 1960an
- CRUTHADAIR
- James/David Banks
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13122
- KEYWORDS
- iasgach
bradan
bradan mara
stoirmean sàbhaladh mara
Mac'IllEathain
maor-cladaich
stèisean bhradain
bàtaichean Mac a' Bhriuthainn

San dealbh-chamara seo, air a thogail 's cinnteach sna 1950an, chithear sgioba iasgach a' bhradain a bha a' frithealadh nan stèisean iasgaich air Eilean Ratharsair. Bha na stèiseanan air taobh an ear an eilein, ann am Bròchall, agus na b' fhaide gu deas ann an Hàlaig. Aig gach stèisean bha cuid bhothagan-fuirich sìmplidh ann far am biodh sgioba uaireannan a' fuireach tron t-seachdain, a' toirt sùil air lìn a' bhradain iomadh turas air an là. Sheòladh an 'Nereid' gu ruig stèiseanan a' bhradain a' toirt leis deigh, lìontan agus stuthan sholair agus a' toirt air falbh a' bhradain ùir air ais a Phort Rìgh mus deidheadh a thogail bhon Eilean. San dealbh seo tha bàta an stèisein air a cheangal ri taobh an 'Nereid'.
Tha an sgioba nan seasamh air eathar nan sùdh, no clincear. Bha an t-seòrsa bàta seo air a dheilbh le toiseach àrd agus bonn còmhnard air. Dh'fhàg seo iad stòlda, calma sa mhuir far nan eilean agus ghabhadh an stiùireadh gu furasta timcheall air na sgeirean is na tràighean creagach. Bha iad air an dèanamh gum biodh sgioba de dhithis no de cheathrar gan iomramh, ged a bha einnsean aca glè thric cuideachd. Bha am proipeilear na shuidhe am broinn slige a' bhàta gus nach glacadh e na lìontan.
San t-Sultain 1960, chaidh an t-eathar 'Billy' a ghlacadh ann an gèile le tonnan mòra air a rathad à Stafainn gu Port Rìgh. Uair a thìde an dèidh dha Stafainn fhàgail, dh'fhàilnich an t-einnsean, a' fàgail an sgioba gun neart an aghaidh nan siantan. Ach chaidh am faicinn on tràigh agus chaidh bàta-teasairginn Steòrnabhaigh a chur gu muir. Mu dheireadh chunnaic an soitheach 'Loch Seaforth' an t-eathar na èiginn. Leis an droch mhuir chan fhaigheadh sgioba an eathair air bòrd an t-soithich, ach thug an 'Loch Seaforth' dhaibh fasgadh tron stoirm gus an deach an togail le bàt'-iasgaich. Dh'innis neach-seilbh màl a' bhradain, Seumas Banks, cho fìor iargalt 's a bha cùisean, 'one of the worst afternoons of my life', agus mar a bha e 'a great relief to know the men were safe'.
West Highland Salmon Fisheries Co Ltd
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.
Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.
Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.
Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives