- TIOTAL
- Gleann Cuidheil, Caol Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- HCD_PHOTO_01279
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1920s
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13153
- KEYWORDS
- taigh
Cungaidhear
baile
bùth-chungaidhear

Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Cuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheumnaich e mar chungaidhear, fhuair e eòlas-obrach air feadh Shasainn agus aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach a Chaol Loch Aillse ann an 1911. Stèidhich e bùth chungaidhean faisg air cidhe na h-aiseig sa Chaol, agus thog e an taigh san dealbh air leathad fosgailte os cionn a' bhaile agus thug e 'Gleann Cuidheil' air an dèidh an àite san do rugadh e. Tha an taigh agus an gàrradh a' nochdadh ann am mòran de a dheilbh camara, gu h-àraidh le buill de a theaghlach, a bhean Mairead agus a chlann, Màiri agus Niall. Cha robh ach mu 350 de dh'àireamh-sluagh sa Chaol aig an àm agus bha mu 80 taigh ann, cuid dhiubh dìreach air an togail de dh'fhiodh agus iarann preasach.
Thog Mac a' Phearsain a theaghlach agus chur e seachad a' chòrr de bheatha ann an 'Gleann Cuidheil' gus an do bhàsaich e ann an 1966, agus chur a nighean, Màiri, seachad a bliadhnaichean mu dheireadh an sin cuideachd. Thathas a' cuimhneachadh air airson a sheirbheisean dhan choimhearsnachd, a leabhraichean air an sgìre am foillseachadh bliadhnail de a "Vest Pocket Guide" dha luchd-turais, ach gu sònraichte airson a chruinneachadh mòr de dheilbh camara.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives