- TIOTAL
- Seann Chaisteal Chèis, Cèis
- EXTERNAL ID
- HC_ARCH2_1981-82_81061011
- ÀITE
- Cèis
- SGÌRE
- Gallaibh an Ear
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Inbhir Ùige
- LINN
- 1980an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13216
- KEYWORDS
- caistealan

Chaidh Caisteal Chèis a thogail le Iarla Ghallaibh (na Caimbeulaich) tràth anns na 1600an. 'S e caisteal beag a th' ann le ballachan air mullach bearraidh. Chaidh a' chiad rathad a-steach a sgrios le aghaidh na creige a' tuiteam. Tha e coltach gun deach a thogail a dh'aon ghnothach airson ionnsaigh mara a stad oir chan eil coltas dìon air bhon taobh le aghaidh gu tìr.
Tha Calder ag innse anns an leabhar aige "History of Caithness" gum b' àbhaist do sheann lios leis an ainm "Raddar" a bhith air an làrach seo. Ma bha àite den t-seòrsa seo na sheasamh aig aon àm, chan eil sgeul air eachdraidh an àite an-diugh agus chan eil coltas gun robh structar eile ann an dèidh rannsachadh de na tha air fhàgail den tùr agus na bunaitean.
'S cinnteach gun deach an caisteal a thrèigsinn tràth anns na 1700an agus, mu dheireadh, chaidh a thoirt do Mhac na Ceàrdaich Dhùn Beithe.Thog iadsan Caisteal Chèis ùr ann an 1755 nas fhaide air falbh bhon bhearradh