- TIOTAL
- Càrn Liath - dùn faisg air Goillspidh
- EXTERNAL ID
- HC_ARCH3_1983-84_84071010
- ÀITE
- Goillspidh
- SGÌRE
- Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Goillspidh
- LINN
- 1980an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Aonad Airc-eòlas Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13248
- KEYWORDS
- dùin
seann tobhtaichean
arc-eòlas
Ri taobh an A9, an ear thuath air Goillspidh.
Tha an dùn seo suidhichte air mullach creig le sealladh thairis air cost Chataibh agus tha ballachan aige a tha fhathast nan seasamh gu ruige 3.6 m (12 troighean) a dh'àirde ann an àiteachan agus tha an rathad a-steach agus an t-àrd-dhoras os cionn an dorais fhathast ann an deagh staid.
Chaidh an làrach a rannsachadh an toiseach le Diùc Chataibh anns an 19mh linn agus bha coltas cùirn air ach nuair a chaidh na clachan lasach a bha air an còmhdachadh le còinneach a ghluasad air falbh nochd an dùn.
Bha iomadh rud air a lorg leithid creadha, criomagan clach-theine, ùird chloiche, moirtearan agus peistealan, bràthan, lùbagan, fàineachan-clach-ghuail, cìrean cnàimhe le làmhan fada, bata air a dhèanamh à cnàimh muc-mhara, cnàimh caol na lurgainn airgid, cupannan steatait agus faobhar iarainn. Tha seo ag innse gur dòcha gun robh daoine anns an sgìre thar mòran linntean.
Bha rannsachadh eile air a dhèanamh ann an 1986 agus lorgadh ciste bho Linn an Umha agus soitheach-bìdh. Bha na bha air fhàgail de thogalaichean eile taobh a-muigh an dùin a' sealltainn gun robh daoine a' fuireach annta nuair nach robh feum air togalach a bhith air a dìon mar dhùn