- TIOTAL
- 'Tilgeil a' Chudthroim', Geamachan Gàidhealach Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- HC_INV_HIGHLANDGAMES_009
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1990an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13498
- KEYWORDS
- geamannan
spòrs
cruinneachaidhean
farpaisean
co-fharpaisean
pàircean
lùth-chleasan Gàidhealach
cleasan Gàidhealach
tilgeil chudthroim
tilgeil chuideaman

'S e seo dealbh-camara de Sandy Camshron o Chnoc Mhoire (Kirkhill) an sàs ann an cofharpais 'Cuideam thar a' bhàr' aig Geamachan Gàidhealach Inbhir Nis ann an 1990 no 1991.
Chaidh Comann na Coinneimh a Tuath a chur air bhonn an 11mh Ògmhios 1788 gus tachartasan sòisealta leithid dannsaichean is sealgaireachd a chur air dòigh airson uachdarain na Gàidhealtachd. Ann an 1790 chaidh rumannan dhan chomann fhèin a thogail ann an Sràid na h-Eaglais agus seo far an robh na h-àrd-oifisean aca gu ruig 1963.
Ann an 1823 thug an Comann seachad airgead gus taic a chur ri Geamachan Gàidhealach ann an Dun Eathain Crothaidh. Bha na Geamachan sin ann a h-uile bliadhna o 1837 agus thog an Comann Pàirc na Coinneimh a Tuath ann an Sràid Àird Ros far an tachradh na geamachan. An-diugh tha na geamachan a' tachairt ann am Pàirc nam Bochd. De na tachartasan sòisealta eile a bha a' lìonadh bliadhna na Coinneimh a Tuath chan eil ann an-diugh ach na co-fharpaisean mòra pìobaireachd aig a' Choinneimh a Tuath