- TIOTAL
- Draghadh-làimhe, Geamachan Gàidhealach Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- HC_INV_HIGHLANDGAMES_011
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1989
- LINN
- 1980an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13500
- KEYWORDS
- spòrs
cruinneachaidhean Gàidhealach
co-fharpaisean

'S e seo dealbh-camara de dhaoine an sàs ann am farpais draghadh-làimhe aig Geamachan Gàidhealach Inbhir Nis ann an 1989.
Chaidh Comann na Coinneimh a Tuath a chur air bhonn an 11mh Ògmhios 1788 gus tachartasan sòisealta leithid dannsaichean is sealgaireachd a chur air dòigh airson uachdarain na Gàidhealtachd. Ann an 1790 chaidh rumannan dhan chomann fhèin a thogail ann an Sràid na h-Eaglais agus seo far an robh na h-àrd-oifisean aca gu ruig 1963.
Ann an 1823 thug an Comann seachad airgead gus taic a chur ri Geamachan Gàidhealach ann an Dun Eathain Crothaidh. Bha na Geamachan sin ann a h-uile bliadhna o 1837 agus thog an Comann Pàirc na Coinneimh a Tuath ann an Sràid Àird Ros far an tachradh na geamachan. An-diugh tha na geamachan a' tachairt ann am Pàirc nam Bochd. De na tachartasan sòisealta eile a bha a' lìonadh bliadhna na Coinneimh a Tuath chan eil ann an-diugh ach na co-fharpaisean mòra pìobaireachd aig a' Choinneimh a Tuath