- TIOTAL
- Dùn Chàrlabhaigh
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_029_0757
- ÀITE
- Càrlabhagh
- SGÌRE
- Leòdhas
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ùig
- LINN
- 1960an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13690
- KEYWORDS
- dùin
arceòlas
togalaichean

'S e Dùn Chàrlabhaigh ann an eilean Leòdhais fear de na dùin as fheàrr a tha air fhàgail. Tha e air cnoc a' coimhead thar Loch Ròdhaig is tobhtaichean thaighean-tughaidh. Is dòcha gun deach a thogail le clachan on dùn.
Thathar den bheachd gun deach Dùn Chàrlabhaigh a thogail mu 50BC. Bha taighean neo-adhartach is sprèidh mu thimcheall air, is bhiodh e air a chleachdadh mar turaid-faire. Tha am pàirt as àirde a tha fhathast na sheasamh 6.7m (22 throigh). Tha an crann-tarsainn gu lèir 14.3m (47 troigh), is tha an lios a-staigh 7.5m (24 troigh), le dà sheòmar eile ceangailte ris. An toiseach, 's dòcha gun robh na ballachan mu 13m (43 troigh) a dh'àirde. Tha am balla dùbailte ann an deagh staid fhathast, is chithear mar a bha làir eadar-dhealaichte ceangailte le staidhre chloiche eadar an dà bhalla.
Bha mòran iomraidh air Dùn Chàrlabhaigh ann an aithisgean mu dhùin sna h-Eileanan Siar aig deireadh an 19mh linn, is b' e fear den chiad sheann charraighean ann an Alba a bha an urra ris an stàit. Bha pàirt mhòr den bhalla air a thoirt air falbh roimhe seo, 's dòcha airson na taighean-tughaidh a thogail. Tha e an urra ri Alba Eachdraidheil an-diugh